Gàidhlig
Chan eil agam ach beagan Gàidhlig a dh’ionnsaich mi nuair a bha mi san Àrd Sgoil ann an Loch Abair.
Tha tòrr àiteachan math a buntainn ri Ghàidhlig ann an Siorrachd Rois, An t-Eilean Sgitheanach agus Loch Abair gu h-àraidh colaiste nàiseanta Gàidhlig – Sabhal Mòr Ostaig.
Tha e math gu bheil barrachd air bharrachd de chlann a’ dèanamh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig feadh ar sgìrean. Tha mi cinnteach gum bi an t-ath ghinealach sa Ghàidhealtachd a’ bruidhinn nan cànan fhein agus le barrachd misneachd na th’agamsa!
Tha dualchas Gàidhlig làidir air feadh na Gàidhealtachd a-nise, ach tha e cudromach nach bi sinn a’ dìochnuichneadh an droch bhuaidh a thàinig air ar cànan san fhicheadamh linn, agus dè cho cianail sa bhiodh e nam biodh sinn ga call. Gu fortanach tha ath-bheothachadh air tighinn air ar cànan nas luaithe na bha sinn an dùil.
O chionn iomadh bliadhna tha mi air taic a thoirt air inbhe na Gàidhlig àrdachadh mar cànan dùthchasach Alba.
Ma tha sibh feumach air cuideachadh sam bith tha fiosrachadh air an làrach-lìn seo.
Le dùrachd,
Teàrlach
Oifis Siorrachd Rois, An t-Eilean Sgitheanach agus Loch Abair
Seòladh: 5 MacGregor's Court, Dingwall, IV15 9HS
Fòn: 01349 862152
Facs: 01349 866829